Free sheet music

Comments

Leave an email if you need an answer

Name or pseudo :


Email address (optional) :


Anti-spam. How are operation





Lyrics

Ged a sheòl mi air m' aineol
Cha laigh smalan air mi' inntinn
Ged a sheòl mi air m' aineol


1. 'S ann à Boston a sheòl sinn
Dol air bhoidse chun na h-Ìnnsinn

2. Rinn sinn còrdadh ri captain
Air a' bhàrc a bha rìomhach

3. Trì latha roimh na Nollaig
Thàinig oirnn an droch shìde

4. Shèid i cruaidh oirnn le frasan
'S clachan mheallain a bha millteach

5. Cha robh ròpa 's cha robh òirleach
Nuair a reoth ann nach robh trì ann

6. Chaill sinn craiceann ar làmhan
Bha ar gàirdeanan sgìth dheth

7. Cha còignear nan seasamh
'S bha seachdnar nan sìneadh

8. Trì latha is trì oidhche
'S mi ri chuibhle ri droch shìde

9. Nuair a labhair an captain
"Illean tapaidh na dìobraibh

10. Nuair a ruigeas sibh cala
Bidh ur drama dhuibh cinnteach

11. Tha lionn-diubh aig mo mhàthair
Is dùil aic' nach till mi